Main content

An Cogadh san Ear

Cuimhneachain cogaidh bho fheadhainn a bha nam prìosanaich ann a Iàpan. Firsthand s of the Eastern campaign during WW2 and of life in Japanese prison camps.

Dh'atharraich ionnsaigh nan Iapanach air Cabhlach Cuan Sèimh nan Stàitean Aonaichte san Dubhlachd 1941 cùrsa an Dàrna Cogaidh. Bha raon a’ chogaidh a-nis air sgapadh air feadh na cruinne.

Agus cha robh maill air na h-Ameireaganaich a dhol a shireadh dìoghaltas.

Bha Iapan a-nis gualainn ri gualainn ris a’ Ghearmailt agus an Eadailt. Bha na saighdearan aice eòlach air cogadh. Deich bliadhna ro Phearl Harbour, bha’d air na Sìnich a chairteadh a-mach à Manchuria agus ceithir bliadhna ron a sin thug iad ionnsaigh bhrùideil air Sìona a’ murt ‘s a' marbhadh.

Bha an t-arm cumhachdadh ann a Iapan – nas cumhachdaiche fiù nan Riaghaltas. Gu sgiobalt an deidh Pearl Harbour, sguab iad romhpa mu dheas bho stiùireadh an Seanalair Tojo. Ghabh iad thairis Hong Kong agus bha an t-slighe fosgailte dhaibh a-steach a Thailand agus Burma.

B’ ann a sin a chruinnich feachdan Bhreatainn agus Calum MacLeòid nam measg. Cluinnidh sinn cuideachd 's a phrògram, Uilleam Mac a' Ghobhainn à Siadar Bharabhais, Anna Mhoireastan agus Donnchadh MacRisnidh à Nis agus as Na Hearadh, Calum MacLeòid à Àird Àsaig agus Jocky MacLeòid as An Tairbeirt.

Tha am prògram air a lìbhrigeadh le Dòmhnall MacLeòid 's chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2005.

5 weeks left to listen

30 minutes

On radio

Tomorrow 20:00

Broadcasts

  • Yesterday 15:30
  • Tomorrow 20:00
  • Sunday 10:00